Chan eil fhios a'm carson, ach dh'fheuch mi pìos bàrdachd #Gàidhlig a dhèanamh…
Gach oidhche, a’dùnadh mo shùilean, chì mi an aon àite,
Dùthaich mo chrìdhe, an sgìreachd bheag bhòidheach, Caladair.
Chì mi na cnuic ‘s na lochanan, na h-uillt ‘s na craobhan,
Na raointean, far an robh mi a’ruith ‘s a’leumadh uair a bha mi òg,
…
An taigh-ud, air taobh a’choille, far a’bheil mo phàrantan fhathast an-diugh.
Àite cho breagha, àite sàmhach; àite cho sèimhidh, àite sìtheachadh,
Àite mealladh, àite cho mùthach, na chaochladh latha ri latha ‘s ràith ri ràith,
…
As t-samhradh
Làithean gun crìoch, oidhcheannan gun dorchas,
a’cluiche cricket sa ghàrradh dhan mheadhan-oidhche,
gus an robh am balla dubh cruaibh a’plunndraigeadh air mo shròn,
…
A’leumadh sìos bhon drochaid àrd dhan abhainn domhain --
bùrn ruadh, uisge meirigidh; bùrn beòthalaich, ann an uillt nan easraichean
As t-fhoghar
Iomad dath a’tighinn air craobhan a’choille;
…
An Dàmhair fhuar, a’toirt dhuinn an fhuach fhliuch na drùithligeadh nam chnàmhan.
A’baidhseagaladh ‘san dìleach, fiaclan a’diongadh ‘s a’diàngaladh,
‘s a’toirt sùil air a’chrann-caorainn, a’dèanamh mearadh air na sùbhan.
…
Sa gheamhradh
Sùbhan beaga, sùbhan annamh; geamhradh thàthail, geamhradh neo-ìnntinneach
Sùbhan reamhar, sùbhan gu leòr; geamhradh fuar, geamhradh gaothach, geamhradh làidir.
Geamhradh *math*.
…
A’cladhach tunailean ‘snan cathaidhean ri taobh an rathad,
A’slèideagadh tron sneachd air a’phairc chas “Beal Field”.
Mu dheireadh, an aitheamh a’tighinn; bras-shruthan nan raoiceil ‘san abhainn,
…
As t-earrach
A'ghrian na streapaireachd suas 'san speur, a'soillseachadh blàths socair air an tìr,
An saoghal na dhùsgadh a-rithistich
An t-uisge a’tuiteam ann an gaoth fhionnar rannsail, a’toirt deoch-beatha dhan…
Uaine lainnireach air geugan nan learagan,
Feur smàragach ‘san achadh,
Brù-deargan a’cruineachadh còinneafh fon phreas, feuradh maoth airson a nead;
An fheòrag ruadh bheag a’lorg a bracaist air mullach nan craobhan
…
‘S math a bhith beò an-seo
Ann an dùthaich mo chrìdhe, an sgìreachd bheag bhòidheach, Caladair.
…
Fichead bliadhna ann an bailtean mòra,
Baile mòr a’bhithe-fhuaime; solasan dealrach nan boillsgeadh fad na h-oidhche,
Iomadh duine nan bàrcadh ‘s nan ruiseadh; oidhcheannan gun chadal,
Baile caithriseach, àidh agus mise!
…
Agus cho fuar.
Trang gun abhsadh gun fhiaradh; beatha cho luath, cho gluasadach, cho sruthail,
Agus cho ràsanach
Caochlach an-còmhnaidh
Caochlach gun mùth
…
‘S dùinidh mi mo shùilean, ‘s chì mi a-rithistich thu,
Dùthaich mo chrìdhe, an sgìreachd bheag bhòidheach, Caladair.
*sin e!*